0 items / £0.00

SÙIL AIR AIS ANNS AN SGÀTHAN

£7.99

Image of SÙIL AIR AIS ANNS AN SGÀTHAN

Leabhar ùr, foillsichte 2018. Ri fhaighinn an-dràsta.

MURCHADH PEUTAN

A bharrachd air cho measail ’s a tha e air seann tractairean, tha iomadach tachartas sa bheatha aig Murchadh Peutan air an innse an seo ann an dòigh inntinneach, aotrom - bho òige san Eilean Sgitheanach, ag obair air a’ phoileas an Glaschu, a’ teagasg ann an sgoil an Ceinia agus eile.

Ann an 1964, chaidh e gu roinn saidheans nam poileas agus, aig an àm sin, “bha an t-seirbheis saidheans ann an Glaschu a’ dèanamh obair do na feachdan poilis air feadh Alba”. Nuair a thòisich e air teagasg ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, ’s ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha e a’ teagasg Saidheans agus Matamataig, obair a chòrd ris gu mòr.

Aithnichear gu bheil mòran eòlais aig Murchadh cuideachd air tachartasan annasach ann an eachdraidh an Eilein Sgitheanaich.

62 duilleag. ISBN 9781900901956. Dealbhan cuideachd.



Faighibh STEALL an iris ùr an seo