0 items / £0.00

SEÒL MO BHEATHA

£9.99

Image of SEÒL MO BHEATHA

DÒMHNALL EACHANN MEEK - LEABHAR ÙR - AN SEO!

Tha a’ mhòr-chuid eòlach air Dòmhnall Eachann Meek mar sgoilear a chuir seachad a bheatha ann an àrd-fhoghlam nan oilthighean air tìr-mòr.

Ann an Seòl Mo Bheatha, ged tha, chan ann air àrd-fhoghlam as motha a tha a shealladh, ach air an dlùth-cheangal a bha aige riamh ri croit shinnsirean anns a’ Chaolas ann an Tiriodh, far an deachaidh athair fhàgail na ghille beag nuair a rinn a phàrantan imrich do Chanada ann an 1913.

Tha e ag innse mu obair na croite, na seann daoine le sàr Ghàidhlig a bha san dachaigh, na coimhearsnaich agus a’ choimhearsnachd a b’ aithne dha na òige, agus na h-atharrachaidhean mòra a thàinig orra uile.

Ged a dh’fhàg e an t-eilean air sgàth foghlaim, bha an t-eilean daonnan aig cridhe a thuigse air fhèin. Chan eil e a’ cleith a’ chruadail a bha aige a’ cumail na seann dachaigh fosgailte aig an aon àm ’s a bha e an ceann a chosnaidh. Cha mhotha a tha e a’ cleith a smuaintean mu obair a bheatha. Tha Dòmhnall ag innse gu h-onarach mun spàirn a bha aige a’ teagasg na Gàidhlig agus nan cànanan Ceilteach eile, a’ sgrìobhadh ’s a’ rannsachadh, ’s a’ strì às leth na Gàidhlig ann an Albainn.

Tha tlachd is mì-thlachd, fois is an-fhois, buannachd is call, aoibhneas is bròn, air am fighe air feadh sgeulachd Dhòmhnaill. Bha ‘seòl a bheatha’, eadar Tiriodh, an t-Òban, Glaschu, Cambridge, Dùn Èideann is Obar Dheathain, gu tric air a chrathadh le oiteagan cunnartach a theab a chur fodha. Ach, mu dheireadh thall, chaidh aige air dachaigh a shinnsirean agus a bheatha fhèin ùrachadh.



Faighibh STEALL an iris ùr an seo