0 items / £0.00

COIG DUILLEAGAN NA SEAMRAIG LE RUAIRIDH MACILLEATHAIN

£9.99

Image of COIG DUILLEAGAN NA SEAMRAIG LE RUAIRIDH MACILLEATHAIN
  • Image of COIG DUILLEAGAN NA SEAMRAIG LE RUAIRIDH MACILLEATHAIN

NOBHAIL ÙR GA CUR AIR BHOG

DIARDAOIN 25 AN GIBLEAN 2019
TALLA A’ BHAILE, INBHIR NIS
12.45f-2f

CÒIG DUILLEAGAN NA SEAMRAIG - RUAIRIDH MACILLEATHAIN

Fiathachadh: cur air bhog leabhair ùr ann an Inbhir Nis air feasgar Diardaoin 25 an Gibhlean. Bhiodh e uabhasach math ur faicinn ann.

Bidh Ruairidh MacIlleathain, ùghdar na nobhail an làthair ’s bidh e a’ leughadh bhon leabhar ’s a’ bruidhinn mu dheidhinn. Cuideachd an làthair bidh Calum Ailig MacIllemhaoil a ghabhas òran no dhà.

’ S e leabhar gu math sònraichte a th’ ann an Còig Duilleagan na Seamraig: nobhail phoilitigeach de ghnè nach eil cumanta ann an litreachas na Gàidhlig. Tha an stòiridh a’ gluasad eadar a’ Ghàidhealtachd, Èirinn, Lunnainn agus Paris. San stòiridh, tha an fhìrinn, dìlseachd agus gràdh a’ tighinn fo ìmpidh ann an drama a tha a’ ruith eadar 1896 agus 1922 ach aig a bheil mac-talla ann an saoghal an latha an-diugh.

Tòisichidh gnothaichean aig 12.45 feasgar agus bidh tì is cofaidh is beagan bidhe ri fhaighinn.

Chì sinn sibh Diardaoin 25/04/2019

Mur a bi sibh ann air an latha, faodaidh sibh òrdain ro-làimh a chur thugainn an seo. Thèid an leabhar a phostadh thugaibh an t-seachdain as dèidh sin.

(Books sent out week commencing 29/04/2019)



Faighibh STEALL an iris ùr an seo