0 items / £0.00

Màiri Dhall - Towser

le Donnchadh MacGillIosa

Air BBC Radio nan Gàidheal

Cù mòr, molach, glas a bh’ ann an Towser, beathach òg, làidir,
fallain. Bha e fhèin ’s am balach beag an-còmhnaidh còmhla
a’ riagail ’s a’ cur nan caran a‑muigh.

Bhiodh iad a’ tarraing ròp no piullag aodaich bho chèile,
durghan aig a’ chù ’s am balach a’ lachanaich.
Ghlèidh am balach na chuimhne gun robh iad turas no dhà
a’ cluich a‑muigh ris a’ ghealaich, a’ ruitheadaich timcheall air na
cruachan coirc am broinn na h‑iodhlainn.

Cù èibhinn a bh’ ann, bha e làn chleasan ’s cha ghabhadh
sgìosachadh air. Dheigheadh e na chlod air a’ ghlasaich, no
a‑staigh fon bhòrd.

Agus steach còmhla ris chrùbadh am balach.

Dh’fhàs an cù tinn. Dh’fhàs e tinn, agus tùrsach leis. Chaidh
crathadh earbaill an lughad. Dhìobhair e muigh air a’ ghlasaich,
ge ’s bith dè rinn cron air. Agus a‑staigh am broinn an taighe
chuir e mach rùchd a chaolanan, ’s bha fuil na mheasg, cha b’ ann
a‑mhain aon turas.

Cha robh amharas sam bith aig a’ bhalach nach deigheadh
Towser os a chionn, ’s nach biodh e cho math ri math, ’s cho
dòigheil ri bròg, mar a bha e riamh. Cha tàinig e steach air nach
biodh iad a’ cluich ’s a’ crostachd a‑muigh mar a chleachd, ’s
a’ tighinn a‑steach sgìth is acrach.

Bhiodh e rithist a’ beachdachadh leis fhèin dè idir an t‑olc a
rinn an cù.
’S dòcha gun robh e air fàs ro mhòr ’s ro mholach ’s ro
shalach. Gun robh ’n dithis aca le chèile a’ dèanamh cus onghail
is gleadhraich.

Am bàthadh a chaidh air Towser, rinn e chùis air, thuig am
balach sin, ’s a dhà ghàirdean slaodte ris.
Aon bhàthadh a chaidh air, dh’fhoghainn sin dha, ’s cha do
thill e tuilleadh.

Gu h‑araid air làithean fiadhaich, ’s a’ ghaoth a’ riagail
tarsainn air a’ ghlasaich bheò, cha mhòr gun gabhadh e a bhith
nach robh sgeul air a’ chù mholach.

Leth‑cheud bliadhna às a dhèidh, ’s e aig an taigh às na
Stàitean, ’s an taigh falamh roimhe, ach gun robh nead aig
na druidean sa ghoc, ciamar co‑dhiu nach robh an fhaoileag
ghlaimseach gan ith, chuir e ’m bòrd a‑null ris an uinneig mar
a b’ àbhaist dha a bhith. Ghlas e ’n doras bho staigh, ’s chaidh e
steach fon bhòrd ’s thug e greis ann an sin na chrùban le muga
de theatha.

‘Tha e cho math dhut an taigh a reic,’ arsa Dòmhnall Iain ris,
‘mura h‑eil thu gu bhith tighinn dhachaigh ach a h‑uile fichead
bliadhna.’

Ach cha b’ e sin a thachair. Dheigheadh càradh a dhèanamh
air an taigh na sgèitheadh tè dhe na sglèataichean, nan gaiseadh
pìob.

‘Beir thus’ air na luchain,’ ars esan ri Dòmhnall Iain. Agus rug.
Thall an Ameireagaidh bha faclair Webster aige, agus faclair
Chambers a chaidh a chur thuige à Dùn Èideann.

Towse: 1. verb transitive: to haul, to pull about, to dishevel, rumple,
tumble, to worry; 2. verb intransitive: to be toused, to
tussle, to rummage.
Towser: one who touses; towser with a capital i.e. Towser: a common
name for a big dog.
Towsy or tousy (Scots): shaggy, unkempt, tousled, rough.
Drown: 1. verb intransitive: to die of suffocation in liquid. 2. verb
transitive: to kill by suffocation in liquid, to submerge,
to flood, to extinguish, to make indistinguishable or
imperceptible.

Chan fhac’ e iad ga dhèanamh, ’s cha robh fios aige ’n toiseach dè
rinn iad. ’S dòch’ nach robh fios aca fhèin dè rinn iad. Rinn iad
e, ge‑ta, ’s thuirt iad ris gun robh Towser air fàs tinn ’s gum b’
fheudar falbh leis.

An tùrs a thàinig air a’ bhalach bheag, bha i coltach ri mi‑chail.
Bha greis fhathast mus biodh e aois na sgoile.

Rug iad air a’ gal ’s a cheann a‑steach dhan a’ chruach choirc
agus bunan biorach nam bad air gearraidhean a dhèanamh air
gach lethcheann.

’S e foghar a bhiodh ann. Làithean fiadhaich frasach.

Chunnaic am balach cù dubh a‑rithist ’s e dìreach beagan na
bu shine. Na sheasamh air Cnoc Fianais eadar am balach ’s dol
fodh’ na grèine. Na sheasamh eadar e ’s dol fodh’ na grèine is aon
spog‑toisich aige togt’ ’s a shùil ’s a shròin suas chon a’ mhullaich.

Cha do shamhlaich am balach an cù ris a’ chù eile. Bha
e muigh na aonar. Chaidh an anail aige na breislich is ruith e
steach ’s e làn dhen fheagal.

Cha do dh’fhaighnich e riamh dè chreag gu ’n deach iad leis,
dè chreag gu ’n deach athair leis, Leac na Caillich, ’s dòch’, far a
bheil doimhne ris a’ chreig agus far a bheil e furast’ cromadh.

’S iomadh dealbh dubh‑is‑geal a chaidh a thogail aig an àm,
ach cha robh Towser ann an gin dhiobh. Uaireannan bidh cù
annt’, no leth‑toisich coin. No leth-deiridh coin, ’s gun iomradh
air a leth-toisich, eadar ceann is beul is eile. Collie mar as tric.

Bhiodh teans na b’ fheàrr air a bhith aig collie, ’s dòch’. ’S e
bh’ annsan ach closach de bheathach, ’s bha ’n taigh cho beag,
na daoine dìtht’ a‑staigh còmhla, ’s a’ chailleach a’ tighinn gu
deireadh is Cailean air a chall.

Chleachd am balach a bhith dìreadh air druim a’ choin. ’S a’
dol slaodte ris an amhaich aige.

An-dràst’ ’s a‑rithist ghoirticheadh e ’n cù, ach am faiceadh
e dè thachradh. Tharraingeadh e ’n t‑earball aige no tè dhe na
cluasan aige. Uaireannan thogadh e ’n t‑earball aige ach am
faiceadh e dè bha fodha. Ghnog a mhàthair air an uinneig ris,
bho staigh, ’s i air fhaicinn a’ togail an earbaill aige, agus mhaoidh
i air, e sgur.

Bhiodh iad a’ ruitheadaich ’s a’ cur nan caran ’s a’ comhartaich
’s ag èigheachd ’s a’ lachanaich.

Stadadh iad greiseag gus am faigheadh iad an anail. Bhiodh
teanga Towser slaodte ri taobh a bheòil, gàir’ air aodann is
seadhan air. Bhiodh am balach a’ crùbadh a-staigh fon bhòrd
agus sannt dìobhairt air bho thugadh air falbh an cù.
Sheasadh e muigh. Thigeadh e steach ’s bhiodh aige ri dhol
a‑mach.

Bha gaoithtean ann glè thric air a’ gheamhradh, agus uisg’, is
guth na gaoith a’ caoineadh ’s a’ caoidh fo bhonn an dorais ’s tro
tholl na h‑iuchrach is tro tholl an t‑sneic le ràn caol is fead.

Thuirt cuideigin ris, ‘Dè tha ceàrr air do ghàirdeanan?’

Fear a bha ’n càirdeas dhaibh à Tàbost. Thuirt an duine sin ri
mhàthair, ‘Eil càil ceàrr air na gàirdeanan aige?’

Cù mòr, molach, glas a bh’ ann an Towser. Dh’ith e rudeigin a
rinn cron air. Chuir e mach rùchd a chaolanan, ’s e ri gòmadaich
gu dona.
Am bàthadh a chaidh air Towser, rinn e chùis air, cha do thill
e tuilleadh.

An tùrs a thàinig air a’ bhalach, ’s ann a bha sin coltach ri
mi‑chail is buidheach is crith‑fhuachd is bochdainn is an‑fhois.
An‑fhois gu h‑araid.

Nuair a bhiodh a’ ghlasaich air bhoil, cha mhòr gun gabhadh
e chreids’ nach robh sgeul air a’ chù mholach. Dh’fhalbhadh e na
throtan timcheall ’s mun cuairt, is bloighean dòchais aige gun
tachradh e ris a’ tighinn mun oisean.

Sheasadh e ’n uair sin na stob, agus dh’fhalbhadh e rithist
a’ dol timcheall ’s mun cuairt.

Bha na sgòthan cho geal ris an t‑sneachd, ’s cho cruinn, ’s cho
àrd ris an adhar.

Bha ’m muir ga shadadh fhèin an‑aird na stillean geala.

Bha e feuchainn na bha na chorp ri bhith stòlta, duineil.

Ach bha e cho troimh‑a‑cheile.

Dh’fheumadh e ruith chon na poit, cha b’ e stuth slàn a bha
tighinn às a chom ach steall teth, steall goirt obann.

Na sheasamh na stob a‑muigh, bhiodh gath feagail a’ dol suas
tro tholl a mhàis.

Cha robh am balach beag buileach aige fhèin bho chaill e
Towser, a dhluth‑charaid dàimheil, a dhluth‑charaid dàimheil,
dòigheil.

A‑muigh timcheall bha cnàimh mòr no dhà a bhiodh an cù ri
cagnadh ’s iad nan laighe ’n siud ’s an seo.

O mhoch gu dubh co‑cheangailt ris a’ chù mholach bha
comhartaich, ruitheadaich is èigheachd.

Bhiodh spòg ga tabhach. An t‑earball ’s e na throtan togt’ aige
suas mar bhratach. Aon chluas na stob ’s an tèile air tuiteam ’s an
taobh‑staigh aic’ a‑muigh. An ceann aige ga chur gu aon taobh,
’s e gabhail beachd air rudeigin. Ilmeachd air aodann a’ bhalaich
bhig, ’s air a chluais.

O èirigh na grèin’ gu àm dhi laighe cha robh iad gann
de chuideachd. Nuair a bhiodh iad còmhla cha robh dìth
cur‑seachad.

Nuair a bhiodh a’ ghlasach air bhoil ’s air chrith, ’s a’ ghaoth
a’ ruith tarsainn oirr’, cha mhòr gun creideadh e nach robh sgeul
air a’ chù mholach. Dh’fhalbhadh e timcheall ’s mun cuairt, is
bloighean dòchais aige gun tachradh e ris a’ tighinn mun oisean.
Copyright @ Donnchadh MacGillIosa/Ur-Sgeul, 2013