0 items / £0.00

Màiri Dhall - Seachnadh agus Dà Dhàn


bho Mhàiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

le Donnchadh MacGillIosa, foillsichte le CLÀR/Ùr-Sgeul, 2013

Air BBC Radio nan Gàidheal

Seachnadh


Dh’aithnicheadh am balach ’s am bodach a chèile bho riamh, ’s
cha robh adhbhar aige dhol ga sheachnadh. Cha robh fuath no
gamhlas air a thighinn eatorr’, no rud a b’ ionnas na sin.

Bha e tarraing fada dhen a’ bhliadhna, agus na cruachan ’s na
h‑iodhlannan, ’s iad air an deògh rigneachadh le siaman ùr, agus
seòrsa de bhrèid mòr, glas nam mullach gus uisg’ a’ gheamhraidh
a chur bhuap’.

Bha beul na h‑oidhch’ ann ’s bha ’m balach a’ dèanamh
a‑steach an rathad dhachaigh.

Chunnaic e ’m bodach beag, pìos às, a’ tighinn na choinneamh
a‑mach an rathad, b’ eòlach e air a choiseachd ghoicich.
Choinnicheadh iad ’s chan fhaigheadh am balach seachad air
gun stad is bruidhinn. Dh’fhaighnicheadh am bodach dhà no
thrì cheistean mar a b’ àbhaist, agus sheasadh e ro fhaisg air.

‘Càit an robh thu, dè mar a tha d’ athair ’s do mhàthair, ’s a
bheil do sheanair ag èirigh na làithean s’, a bheil e tighinn chon
an teine.’

Dhèanadh am bodach barrachd èigheachd na leigeadh e leas,
a shùilean na bu sgèanaich na bha iomchaidh ’s e tighinn na bu
dàin’ air balach sàmhach na bha còrdadh ris.

Bha taigh a’ Chiasain a‑nis a’ tighinn dlùth, air an làimh chlì, e
air a thughadh cho brèagha ’s na h‑acraichean cho rèidh nan àit’.

A chlachaireachd cho grinn, ’s na ballachan cho tiugh ’s gum
biodh tu cho blàth na bhroinn air là geamhraidh ri luchag am
bonn sìg.
Aig an fhìor àm, agus a‑rithist, cha robh cus fios aige carson,
ach siud dh’fhàg e oir an rathaid, agus a‑null leis mu mhàs an
taighe.

H‑abair a‑nis gun robh cuairteachadh aige ri dhèanamh,
oir bha ’n sabhal buailte ri cùl an taighe, agus a’ sgaoileadh
’s a’ leudachadh a‑mach bhon t‑sabhal bha biast mhòr de
dh’iodhlainn, cha robh gin na bu mhotha sa bhaile ach ’s dòcha
iodhlainn Thormoid Dhòmhnaill Bhreacair.

Ach ’s è bha coma, seo an cuairteachadh a roghnaich e, an
t‑seachran ionnsaigh an deach e. Leus deireannach an là a bh’ aige
nis, ’s cha robh ’n t-slighe cho furast’ a cosnadh. Bha brugannan is
clachan is trealaich air taobh a‑muigh na h‑iodhlainn, ach chùm
e dol, co‑dhiu, air a shocair.

Bha a’ ghaoth a’ tighinn na cnapan. Bha a’ ghrian air a bhith
air falach a’ chuid a b’ fheàrr dhen an là ’s bha i nis air a dhol
fodha, ach chùm e dol, co‑dhiu, a’ cuairteachadh iodhlainn
a’ Chiasain, agus ’s ann innte fhèin a bha ’n taisealadh ’s a’ mheud.
Ach an uair sin cò chunnaic e, thug a chridhe leum às, ach am
bodach a sheachain e, a’ tighinn na choinneamh.

Agus O ’s ann aig a’ bhodach a bha choiseachd dhuilich ri
dhèanamh. Coiseachd a bha mall, cugallach. E ’n cunnart fad
an t-siubhail gun deigheadh a chas cam. Gun tuiteadh e ’s gum
faigheadh e brod an sgochadh. ’S e ri spàgail ’s a’ cur a‑mach
a làmh ’s a’ falbh ri tac a’ bhalla. A shlighe cho corrach ’s cho
fiar, ’s e ri cuairteachadh iodhlainn a’ Chiasain, ’s bha brùid de
dh’iodhlainn ann-an-sin, ann an ciaradh bochd an là. E troimha-
chèile, ’s a bhrògan a’ sleamhnadh ’s a’ call an grèim.

Mar a bha iad a’ dlùthachadh air a chèile bha ’m balach a’ dol
na bu shlaodaiche buileach, agus e miannachadh gu sluigeadh an
talamh beò e, ach cha robh dol‑as aige.
A‑staigh an tac an teine ’s beag a bha dh’fhios aig a’ Chiasan
dè bha gabhail àit’ air cùl na h‑iodhlainn aige ann an tuiteam na
h‑oidhch’.

Bha crith air a’ bhodach eile, muigh, leis na bh’ air de
bhochdainn ’s de thàmailt.

‘Carson a rinn thu siud?’ ars esan ris a’ bhalach, ’s iad mu
dheireadh air coinneachadh. Rug e air ghàirdean air ’s rinn e
seòrsa de chrathadh air.

‘Carson a rinn thu e?’

Bha na sùilean aige priobadaich leis na bh’ air de dh’ainmein.

’S bha gluasad mòr air anail, ’s bha e feuchainn ri rudan a ràdh
nach robh e crìochnachadh.

‘Chan eil fhios a’m,’ ars am balach dhà no thrì thurais.

‘O chan eil fhios agad air mòran,’ ars am bodach, ’s an droch
nàdar gus a’ chùis a dhèanamh air.

‘Can g’ eil thu duilich.’

‘Tha mi duilich.’

‘Can nach dèan thu tuilleadh e.’

‘Cha dèan mi tuilleadh e.’

Bha ’m balach an impis a dhol a ghal, ’s cha robh ’m bodach
fhèin fada bhuaithe.

Shocraich am bodach, ’s thuirt e, ‘Feumaidh tu tilleadh air d’
ais agus sinn coiseachd còmhla.’

Chuairtich iad an iodhlainn an t‑slighe thàinig am balach,
grèim aig a’ bhodach air a ghàirdean, ’s iad a’ coiseachd gu
math faiceallach oir cha bu lèir dhaibh mòran, ’s cha tàinig facal
eatorr’ gus na bhuannaich iad an rathad, mu dheireadh. Sheas
iad greiseag an oir an rathaid, ’s am bodach a’ feuchainn am
faigheadh e air dòigh, ’s leig e às a ghàirdean.
Dubh dorch ’s mar a bha ’n oidhch’, cho dorch ris a’ bhìth,
ghabh am bodach a‑mach dhachaigh na aonar, e fhèin ’s a
phiuthar a bha còmhla san dachaigh.

Ghabh am balach a‑steach seachad air taigh a’ Chiasain, ’s cha
b’ fhada thug e a’ ruighinn an taigh’ aca fhèin.

DÀ DHÀN
Rinn Dòmhnall Iain Bhiastaidh dà phìos bàrdachd rè a’ gheamhraidh
dhuilich ud, agus rinn e iad am broinn na h‑aon seachdain.

Bha e air a bhith ’g òl, ’s bha Mordag air falbh air, a Ghlaschu.
‘Seo a‑nis,’ ars ise, ‘mas e do chuideachd fhèin a tha thu
’g iarraidh, ’s gun duine bhith gabhail gnothaich riut, cha chanainn
a‑nis nach fhaigh thu do dhìol dheth.’ ’S a‑mach leatha,
’s i fàgail a mìle mallachd aige, ’s gun aige dhith ach a cùl ’s a
deireadh a‑mach an staran. ’S cha b’ è seo a’ chiad turas, ’s cha
b’ è seo an turas ma dheireadh.

Greiseag ron a sin bha i air a dhol a‑steach dhan t‑sean taigh,
’s gun i air mòran fhaicinn dheth fad an là ach a ghoic a’ teiche
bhuaich’.

’S nach ann a rug i air ann an sin a’ gabhail an Leabhair, ’s an
t‑seann nòs, ’s e air a dhà ghlùin ris an t‑seithear mhòr ’s a cheann
a‑steach dha na cuiseanan, ’s e ri cantainn facal ùrnaigh. Chaidh
e air a chasan, ’s e air a dhol cho dearg! Cha robh fhios aige càit’
an sealladh e. Am beul aige air a dhol cam. An druim aige car
glaist’, crom. Ach air a spliutagan gun deach e gu math luath.

Agus mhothaich i gun robh fàileadh làidir na deoch dheth. Lorg i
’m botal‑mor eadar an sèithear ’s am balla, ’s am botal cho falamh
de dh’uisge‑beath’ ’s a bha fear an insurance làn dheth.
‘Figure that out,’ arsa Mordag ri a piuthar a‑muigh an Glaschu.

Ge ’s bith co‑dhiu dè an tobair dhorch gu ’n deach Dòmhnall
Iain Bhiastaidh air cùl na Bliadhn’ Ùir, ’s a bhean air fhàgail,
thill e aist’ air dòigh no dòigh air choreigin. Thill e aist’ leis an dà
thaosgan sa am broinn nam peileachan, ’s e leantainn a shlighe
fhèin, slighe cham, chorrach, cheilte, ’s e tilleadh air ais thuige
fhèin air a dhà spàig, ceum air ghàig, cò aig tha fhios ciamar, ’s
cò aig tha fios cionnas.

Bha beagan sneachd air a bhith ann, ach siud thàinig aiteamh.
Bha corra chnap sneachd air fhàgail sna cùiltean thall ’s a‑bhos.

Cha robh Dòmhnall Iain a’ samhlachadh càil riuth’ ach
cnapan de shalainn‑garbh a shad cuideigin an siud ’s an seo, làn
an dùirn an taobh ud, làn an dùirn an taobh ud eile.
Gun fhios nach dèanadh e feum, ’s an saoghal gu lèir air a dhol
na lèig ’s na shitig ghrod.

Taosgan a h‑aon

Nuair a thig an oidhche gu bhith garbh
’s a bhios a’ ghaoth san t‑simileir ag othail,
’s na daoine sin gun sgeul orr’
a chumadh air do dhòigh thu
fad na fhionnairidh,
cuimhnich air mo chòmhradh riut.

Cuimhnich air mo chòmhradh riut
nuair a dhùisgeas tu às do chiad‑chadal,
’s do chogais ga do dhìteadh
airson na rinn thu
’s nach do rinn.


’S a‑rithist nuair bhios a’ mhadainn reòtht’,
’s a’ phleideag ghann
a’ riagail suas air a h‑ais,
’s a’ seòladh sìos gu talamh,
’s an loch a’ glacadh ’s a’ cur dhith
fuar‑sholas geal,
’s am baile,
mas e baile th’ ann,
cho sàmhach ri Là Sàboinnd.

Ge ’s bith dè ’n gleann dorch dhan do chrom Dòmhnall Iain air
a’ gheamhradh ud, thill e às co‑dhiu, air a mhàgan ’s air a spògan,
cas a’ dol ’s cas a’ tighinn, ’s a stamag cho fuar ri leòbag.

Taosgan a dhà

Thig blàths
agus tràth dhen an là
bithidh chuileag‑mhor le srann
a’ fàgail balla,
le srann a’ tilleadh thuig’,
’s an greimeire gun aon dùrd
a’ lorg na fala.

A‑muigh air àirighean mo shinnsre
thig an dealtag shamhraidh
a bhreacadh nan clach,
nuair a dhùisgeas tu às do chiad‑chadal,
’s do chogais ga do dhìteadh
airson na rinn thu
’s nach do rinn.
’s air là a’ chiuthranaich mhìn
bithidh sruth dhìobh daonnan.

An-dè no bhon‑de
bhruadair mis’
gun robh sinn òg le chèile
a’ buain dhìthean
air taobh thall na locha,
agus dùil againn an goil
airson leighis.

Copyright Donnchadh MacGillIosa/Ùr-Sgeul/CLÀR