0 items / £0.00

Màiri Dhall - Oidhche Gealaich

Air BBC Radio nan Gàidheal

le Donnchadh MacGillIosa

Mun àm s’ an‑uiridh a bh’ ann, a’ bhliadhna na tìd’ s’. O

bruidhnidh. Innsidh mi dhut fhèin ma dheidhinn. Tha mi ’son

bruidhinn air a‑rithist. Riut fhèin.


’S ann ga cur suas dhachaigh a bha mi . . . Maggy Ann.

A’ Ghleansag a màthair, ’s ged tha ’n càirdeas a’ teich a‑mach a‑nis

tha sinn fhathast ga chumail.


Mar a dh’innis mi dhut mar-thà bha a’ ghealach gheal chruinn

na h‑airde, agus Nis cho bòidheach ’s gun cuireadh e tiamhachd

ort. Oir tha cuimhn’ agam air an eòrna, mar a th’ agad fhèin.


Air gealach abachaidh an eòrna na lanntair mòr crochte thall

bhuainn. Meud mòr innt’. I air a dhol a‑mach air a leud, ’s i ruadh

air a feadh. Is rudeigin mu deidhinn a bhriseadh do chridhe gun

fhios agad dè. Agus cuimhn’ againn air sluagh nach eil ann, agus

air an còmhradh. À, a shaoghail, am fearann gan gleidheadh, ’s

am muir. Thuirt i rium goirid às a dhèidh nach suidheadh i ann

an càr còmhla rium ach na shuidh.


Seo mar a thachair. Mar a dh’innis mi dhut glè ghoirid às

a dhèidh bha mi gabhail suas tro Thàbost leis a’ chàr nuair

a choinnich mi ri bus nach robh ann. Bha e cumail druim an

rathaid, bha e dol mar an donas, bha na solais air, gu lèir, na

bhroinn. Ghabh mi feagal. Thàinig e orm cho luath.


Chan eil fhios agam mu dheidhinn sin. ’S ann a bha e col’ach

ri fear a shean bhusaichean John Mitchell. Definitely of an older

vintage. 1950s.

Thòisich mi dèanamh deiseil, ’s a’ dol a‑null pìos, ach siud

thuig mi gun robh e dol a chumail druim an rathaid, agus sin

aig astar, ’s gun robh e dol a dhèanamh bloighean dhinn. Leig

mi asam seòrsa de mhòthar agus strutan de ghuidheachan grod

a bha gu math saillt, thionndaidh mi chuibhle ’s chuir mi ’n càr

a‑null dhan dìg, ’s chaidh sinn rudeigin air ar cliathaich, leig

Maggy Ann ràn aist’, ghoirtich i h‑amhaich, bha sinn ann a sin

an uair sin, mis’ air faomadh a‑null air a muin. Chuir mi dheth

an t-einnsean. Bha crith bàis orm.


‘Faca tu siud?” arsa mise rithe, aig an àm, sinn air ar cliathaich

’s an oidhche cho brèagha ’s cho socair. . . .


‘Dè?’ ars ise. ‘Chan fhac’, ach gun deach thu às do rian.’

‘I was driving up through the township of Habost,’ arsa

mise ris an doctair, ‘nothing whatsoever untoward, next thing

I knew . . .’


’S tha sin cho fìor ’s a ghabhas. Bha mi cho dòigheil ri bròg, ’s

an tè bha ri mo thaobh a cheart cho sona.


Mus do stad sinn, ’s an càr a’ buiceil ’s a’ leum, leig Maggy Ann

èigh aist’, ’s bha i ’n uair sin na suidhe ’s a làmh air a h‑amhaich,

agus mis air faomadh a‑null air a muin.


‘For goodness sake,’ ars ise. ‘For goodness sake, mo chreach

mhòr, what’s wrong with you?’


Thàinig mi mach ann am braon fallais. Oidhche gealaich a bha

mar an t‑or, san t‑Sultain. Gun aon sgòth air an adhar.


Tha cuimhn’ agam sinn a bhith nar seasamh faisg air a’ chàr.


Thòisich am fallas sin a’ fuarachadh sìos eadar mo dhà shlinnean

agus sìos eadar mo dhà mhanachan.


Bha ’m mobile agam na mo chois.


Thàinig Dòmhnall Iain an North Star Provi ’s chuir e ise suas

dhachaigh.

Thill e ’n uair sin air mo thoir‑s’. Fhuair mi air draibhigeadh

dhachaigh ’s mi ga leantainn‑san. Thuirt mi ris a dhol

slaodach.


Cha deach mi faisg air a’ chàr, ma-thà, fad mìos. Nuair

a mheantraiginn a‑mach sa mhadainn thiginn air a’ chàr

ma cheann an taigh’, bho thuath, is bheirinn an aire dha na

sheasamh eadar mi ’s an rathad. Chuairtichinn mun taigh, ’s

dòcha na b’ fhaide dhen an là, is thiginn air bho dheas, ’s bhiodh

e na sheasamh ann an sin cho sàmhach ri goca feòir eadar mi

is bunnacha‑bac. Bha e gu leòr dhomh fhaicinn. Cha robh mi

’g iarraidh na b’ fhaisg air.


B’ fheudar dhomh an teoba beag a bh’ agam a leigeil seachad,

thall ann an Steòrnabhagh. Dh’ionndrainn mi sin.

Carson a thachair e dhòmhs’ is a bit of a puzzle alright. ’S

iomadh taobh bho ’n tàinig mi air bho thachair e.


Cha robh cùisean dona. Bha mo shlàint agam, ’s tha chlann air

an giort fhèin, sa bhaile‑mhor, far an deach an togail. Sin agads’,

ge‑ta.


Nam bithinn fhìn ’s tu fhèin air coinneachadh an-uiridh, is

tus’ ar cantainn, ‘ ’Ille, dè do chor?’ ’S dòcha gur h‑e freagairt

èibhinn a’ Chrostain a bhiodh air mo bhilean, ‘Chan eil adhbhar

a bhith taingeal, ’s math a bhith gearan leis an t‑slaint.’

An Crostan còir nach maireann.


Ach cha chan mi sin tuilleadh.


Dh’fhaighnich an doctair dhìom, ’s tha mi làn chreids’ gum

feumadh e sin fhaighneachd, an robh mi air a bhith ’g òl.

‘Doctor,’ arsa mise ris, ‘I’m as dull a dog as you’ll see in your

surgery. A glass of beer of an evening does me.’


‘Very good,’ ars esan.

‘My last few binges, years ago,’ arsa mis’, ‘my last few bayings

at the moon, hastened change. The hangovers were dire, and

confirmed me in my settled way,’ arsa mis’, ‘and confirmed the

humble tea‑bag as my boon companion.’


Thòisich lachanaich na mhionach ’s leig e pàirt dheth a‑mach.

Ach rinn mi sgàird dheth an uair sin. Dhiùlt mi na gràineanan

a thabhaich e orm, cha b’ e sin ach thuirt mi ris nach robh sìon

ceàrr orms’.


‘Nothing that a good nervous breakdown wouldn’t fix,’ arsa

mis’.


Bha na facail gun ùidh a‑mach às mo bheul mus deach agam

air an casg. Cha robh iad fiù ’s èibhinn air dhòigh sam bith, ’s

thàinig an conaltradh gu ceann.


Chunna mi ’m bus a’ tighinn, bha na solais air, na bhroinn,

a h‑uile gin, agus na headlights full beam, ’s e dol aig fìor astar.

An oidhche cho soilleir ’s cho ciùin ri oidhche a chitheadh tu,

oidhche cho soilleir ’s a thàinig.


Ghabh mi aithreachas gun d’ thuirt mi rud cho cac, cha robh

e fiù ’s èibhinn . . .


Cha robh a‑nise, that was the thing, cha robh fuaim aig’ idir,

cha chuala mi diorra‑bhig, ’s cha robh duine beò na bhroinn, cha

robh duin’ aig a’ chuibhle.


Shaoil mi nach robh co‑dhiu, thachair e cho luath, thà, ’s gun

robh sinn air ar sadadh, spìon mi chuibhle ach am faighinn às

an rathad air.


‘Mo chreach‑s’’ ars is’, is grèim aic’ air a h‑amhaich, ‘for goodness

sake, what’s the matter with you?’


‘Eil thu all right?’ arsa mis’.


‘Chan eil mi all right. What’s the matter with you?’

‘Am faca tu siud?’ arsa mis’.


‘De?’ ars is’. ‘Chan fhaca mise càil ach gun shad thu ’n càr a

dhìg an rathaid.’


Thug i greis agus coilear oirr’. Rinn e dragh gu leòr dhomh, an

cron a rinn e oirr’. Dh’fhònaig mi ’n là eile ’s thuirt i gun robh i gu

math, ach cha do dh’fhuirich i glè fhada air am fòn.


Cò aig tha fios dè bhios i cantainn mu mo dheidhinn. Bidh sin

a’ dèanamh na h‑uiread a dhragh dhomh cuideachd.


Thill mi thuige mus robh ’n t‑seachdain a‑mach, ’s thuirt mi

ris, gun robh mi feumachadh gràineanan a bheireadh dhomh

cadal. Bha e cho snog ’s a ghabhadh.


Bhithinn a’ dùsgadh uabhasach tràth. Na mo laighe san

leabaidh a’ sealltainn suas a mhullach an taighe, ’s a’ tionndaidh

air mo thaobh ’s a’ sealltainn ris a’ bhalla, ’s an là romham na

raon farsaing.


Na bliadhnachan mòra a bha mis’ air falbh, càit an deach iad?


‘Seallaibh oirbh a‑nis,’ arsa mis’ ris na pollan mònach, a tha

nis a’ dol air ais nam fèithean fàsa, ’s nam boglaichean.


Eadar mi fhìn ’s tu fhèin ’s an ursainn, tha mi air

atharrachaidhean beaga dhèanamh. Cha mhothaich duine. Chan

eil cus agam mu dheidhinn eaglaisean, mar as math tha fios agad,

’s cha bhi gu bràth, or I’m a Dutchman. Small observances of a

private nature, though, that’s different. Kneeling comes into it.


Albeit self‑consciously.


Siud co‑dhiu mar a thachair.


Gabhaidh sinn teatha.


Tha mi air cur romhan gun ceannaich mi eathar. Gheibh

thu mach innt’ còmhla rium ma ghabhas tu sin ort. Mis’ aig an

stiùir, cuimhnich’. Cha till. Chan è nach do smaoinich mi air.

Cha bhiodh e cho furast a‑nis, tilleadh a Shasainn. Am biodh tu

coma? Chan eil fhios againne nach b’ fheàrr leat. O bhoill, ’ille,

chì sinn, cha chan mi nach fhaigh thu do roghainn.

Copyright@Donnchadh MacGillIosa/Ùr-Sgeul,  2013