0 items / £0.00

Màiri Dhall - Càrnan nam Maireadan

le Donnchadh MacGillIosa

ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal

Eil fios agad air a seo,’ ars ise ri Murchadh a mac, ‘cha chreid mis’

nach tèid mi mach a Chuiseadar ach am faic mi bheil sgeul air

a’ chàrnan ud a thog sinn bho chionn fhada.’


Càrnan beag claich a chaidh a thogail air taobh muigh

na gearraidh ann a 1955. Là August Bank Holiday no ‘Là an

Excursion.’


Là brèagha beannaicht a bh’ ann, mar gun robh nèamh air

a thighinn na b’ fhaisg agus air strucadh san talamh. Là a dh’fhàg

i, ’s i na nighean, le fadachd na cridhe a bha na chianalas goirt.


I fhèin a‑nis an aon Mhairead a bha beò dhiubh. ’S cha robh

gin dhe na fireannaich air fhàgail, a bharrachd.


Bha a màthair ann, is Mairead Fhionnlaigh, no Mairead

a’ Pheile‑sinc, ’s i air ùr phòsadh.


’S i fhèin is Kenny a‑muigh còmhla air Àirigh a’ Bhealaich.


Bha h‑uile duine ’g iarraidh a bhith nan cuideachd, bhon a bha

iad cho dòigheil. Agus an gaol mòr a bh’ ac’ air a chèile gun a

shocrachadh fhathast aig a’ phòsadh.


Ghabh an còmhlan beag a‑mach romp’ air an socair is

Filiscleiteir ac’ san amharc, agus oiteag a’ tighinn orr’ bhon

a’ mhuir. Bha biadh aca nan cois, is dùil ac’ teine dhèanamh

a‑muigh.


Bha suas ri deichnear ann, agus clann nam measg, ’s bha h‑uile

duin’ a bh’ ac’ ann mar chloinn an là ud. Bha na h‑uallaichean air

an cur air thaobh, is greiseag ac’ de shòlas. Bha a h‑uile duine beò

ac’ aotrom, gòrach, ’s cha robh fealla‑dha fad sam bith bho ’n aire,

’s bha a’ mhòinteach ghrìsdhearg na glòir samhraidh.

Bha is’ i fhèin ’son a bhith faisg air an tè a phòs, a bha cho snog

co‑dhiu, ’s a bha nis, bho chionn ghoirid, cha mhòr a’ deàlradh ’s

i làn de dhibhearsain.


Bha Mairead Mhòr ann, piuthar‑mathar bean na bainnse. ’S

bha a mac còmhla rithe, Iain Angus, a chailleadh a‑rithist aig

muir, gun fhios a-riamh ceart dè thachair no ciamar.


Bha bràthair fear na bainns’ ann, Aonghas. Agus a bhean,

Mairead Anna. Agus Mairead Bheag agus Màiri a thàinig bho

ceann shuas Àirigh a’ Bhealaich a’ mhadainn sin.


Ghabh iad a‑mach agus Filiscleiteir aca san amharc. Far an

robh an sinnsre cho dòigheil uaireigin, ’s iad a‑muigh air àirigh

leis a’ chrodh fad an t‑samhraidh.


’S na ceudan fhaoileagan ag èirigh às na creagan uabhasach

sin, ’s iad a’ glaodhaich ’s a’ glaodhaich, is moladh is dìmholadh

ac’ air càch a chèile ’s air an là.


Tìr-mòr air fàire le a bheanntan gorma.


Ach fada mus do ràinig iad Filiscleiteir, ’s iad cho slaodach,

sona, seachad air Allt an t‑Sulair, thàinig iad air àite rèidh is

clachan oiseanach breac is breac‑ghlas nan laighe ann thall ’s

a‑bhos, ’s a’ chreag a’ tighinn tron rèasg.


Cha do stad iad glè fhada. Ach thòisich Mairead Bheag a’

Bhealaich a’ dèanamh càrnan le clachan a’ chruthachaidh:

leoganan nach robh riamh gun seo air an cur an sàs. Chuidich a

h‑uile duine i.


Cha b’ fhada gus an robh e trì troighean a dh’àird.

‘Dè ’n t‑ainm a bheir sinn air?’ dh’èigh cuideigin.

‘Dè mu dheidhinn ‘Càrnan nam Maireadan?’ arsa Kenny le

gàire, ’s e dol rudeigin dearg.

Thug càch an aont. Is chùm iad orr’ gun sealltainn às an dèidh.


Thug rudeigin oirrese ruith air a h‑ais agus aon chlach eile

chur na mhullach, ’s cha robh càch dad ach air falbh, ’s iad marthà

air a dhìochuimhneachadh.


Ruith i às an dèidh gus na rug i orra.


Cha do thill duine chon chàrnan, fiù ’s Kenny a dh’ainmich e,

a-riamh tuilleadh.


Ach i fhèin a‑nis, ’s i ’g iarraidh grèim fhaighinn as ùr air an là

ud air an tàinig nèamh cha mhòr sìos gu ’n talamh.


Thuirt i ri Murchadh e fuireachd sa chàr, ’s dh’fhalbh i leis

a’ bhat’ suas tron an fhraoch, air là fuar Earraich ’s a’ mhòinteach

fhathast cho fuar ’s cho fliuch.


Thàinig i gu àit, ’s cha robh i cinnteach, ’s thug i sùil timcheall.

Bha dùnan chlaich ann ceart gu leòr is leacan beag’, oiseanach,

breac‑ghlas nan laighe thall ’s a‑bhos, ’s cho‑dhuin i gur h‑e seo

an t-àit’, ’s gur h‑e seo an càrnan ceart gu leòr, is caoraich is

faoileagan is leth‑cheud bliadhna air suathadh ann, is air a chur

gu talamh.


‘Cia ris a bha dùil agad, ’s dè bha na do bheachd co‑dhiu, a

maigheach?’ thuirt i rithe fhèin, ’s gun duine faisg oirr’.


Cha do rinn i togail sam bith air na clachan, ach thug i leatha

leogan greòsgach breac‑ghlas. Agus gaoth fhuar an Earraich

aic’ air a leth‑cheann, gaoth a bha dol far am b’ àill leatha, bho

fhàsach gu fàsach.


Smèid i air Murchadh leis a’ bhat’, is thàinig e, ’s chrom iad sìos

chon a’ chàir, is is’ air a ghàirdean, troimh na fèithean, tarsainn

air na brugannan, ’s cha b’ e ’n taing a b’ fheàrr a fhuair e. Bha

i greannach ris. Bha a’ mhòinteach cho dubh ri prais, abhainn

Chuiseadar air dath an leanna, i na deann chabhaig ’s cop rithe,

’s i taomadh sìos bho ghlut gu glut.

Bha i greannach ris, ’s thuirt i ris a‑rithist gun robh i duilich,

gun robh i faireachdainn sgìth.


Aig amannan thigeadh uabhas de dh’ainmein oirr’, ’s de

dh’an‑fhois.


Mar gun robh i trì bliadhn’ a dh’aois is cnap de chorraich air a

rian ’s a reusan a chur turrach-air-tharrach fo na casan.

Bha bàrdachd na dualchas. Ro cheann na seachdaineach,

seach gun robh teas san fhuil aic’ a bha ’g iarraidh a‑mach, rinn

i bàrdachd ghoirid.


A’ caoidh, ’s dòch, na màthar a fhritheal i chùm na crìch.


Dùin mo shùilean

is paisg mo làmhan,

càraich mo cheann

am meadhan na cluasaig.


Dùin na sùilean

a chunnaic seallaidhean

an t‑saoghail,

paisg na làmhan

a shaothraich.


Dùin na cùirtearan

shìos is shuas,

’s theirig a dh’inns’

mar a thà.


Cuir fios air Peigi,

cuir fios air Màiri,

gabhaidh iad umam

mar as math as aithne.


Ach och tiud, cha robh i fad sam bith gus na reub i ’n duilleag

sin a‑mach às an jotter. Eadar a dà bhois rinn i cruinneachadh

is milleadh air an duilleig pàipeir sin. ’S a‑steach leis a mhullach

an teine.


’S cha robh air fhàgail ach i fhèin agus clach bheag oiseanach

bhreac.


Agus Murchadh a mac, a bhiodh uaireannan a’ faighinn a

dhonas.

Copyright @Donnchadh MacGillIosa, 2013