0 items / £0.00

Màiri Dhall - A' Bheubag Bheag

le Donnchadh MacGillIosa

air BBC Radio nan Gàidheal

Bha tè shìos an rathad, a’ Bheubhag Bheag, a bha ’n càirdeas dha
Catrìona Thormoid Dhòmhnaill Bhreacair, ’s bha ’n traon glè
lugh’ oirr’. An clos na h‑oidhch’, ’s an traon sa chorc, ’s e dol ’s
a’ dol gun iaradh gun atharrachadh, arbhar dlùth is dubhar ga
fhalach o gach sùil, bhiodh a’ Bheubhag a’ sèamaich dhà, ’s ga
mhallachadh gu bun a ghuib ghobaich, ’s gu bun nan sgiath, ’s
gu itean breac an earbaill. Bha i air a feuchainn ’s air a sàrachadh.

Aig garra-gart a’ ghuth mheirgich. A’ cumail air, ’s a’ cumail air.
Oidhch’ bho oidhch’ a’ tighinn eadar i ’s a suaimhneas. Bhiodh
i cur cotan na cluasan. Bàrdachd na Beubhaig mun traon cha
deach a call, ghlèidh cuideigin i, ’s tha i nis sgrìobht’. Fhad ’s a
chanar ‘fochann’ ri fochann, agus ‘arbhar’ ri arbhar, tha teans’
gun cluinnear i:

Ged nach fhaca mi riamh thu
fhuair mi gu leòr dhe do bhreig,
’s fheàrr leam guth garbh an fhithich
’s e na stob am bàrr na creig.

’S fheàrr leam èighe na starraig,
’s fheàrr leam sgal na h‑arspaig,
shuas gu h‑aird air iteig
’s beag a theid‑as bhuaich’.
Dhe d’ òran chruaidh, thioram
cha sguir thu gu bràth.
tric mo shuil‑s’ air na sparran
’s mi gun chadal air do sgàth.

Bha i greis là. Bha i fhathast san taigh‑dhubh, agus glè dhòigheil
ann. Cha robh sgeul air a h‑athair ’s air a màthair. Cha robh
piuthar aic’ no bràthair. Cha tàinig fear a‑riamh ga h‑iarraidh air
a h‑athair.

Gu ruige seo cha robh ’n traon a’ dèanamh na bha ’n sin de
dhragh dhi. Ma bhà, cha chualas guth aic’ air. Ach bhà gu dearbh
a‑nis.

Miann na Beubhaig thar gach miann gun tigeadh an geamhradh
’s gum faigheadh i fois. An taigh aic’ air ur‑thughadh, ’s na
tobhtaichean balbh, bodhar agus an tughadh sàmhach eadar i ’s
na siantan. ’S cha robh a’ ghaoth mhòr, ’s cha robh a‑riamh, na
cunnart dhi, sguabadh i seachad air na sean dachaighean sin, ’s
air na sean saibhlean a bha ceangailt riutha, cha dèanadh i beud
oirr’, cha mhòr gun stadadh i, cha robh ì gam bualadh, ’s ann a
bha i gan caomhnadh ’s a’ dol thairis orr’.

Bhiodh guth an traoin a’ dol ’s a’ dol. A’ leantainn fad na
fhionnairidh is fad na h‑oidhch’. Corra uair a’ stad. As ùr a‑rithist
a’ tòiseachadh. ’S cia dheth co‑dhiu a bha ribheid na h‑amhaich
big’ dèant’? De fhiodh ’s de dh’iarann, ’s dòch’. Sean pean‑aodaich
is bior‑fuilt.

‘Creud, creud,’ a bha ’n t‑eun‑s’ ag ràdh, a rèir Mairead Anna,
a bha na h‑iompachan bho bha i na pàist’, ’s air dhi cluinntinn a
cuid briathra cha tuirt a’ Bheubhag dùrd, thuirt i rithe fhèin ‘Na
can dùrd.’
’S e bh’ innt’ a‑riamh ach creutar saoghalt’. A bhiodh le ceum
cabhagach a’ dol an sàs ann an obair. Bhiodh i aig na faingean.
Bha i math air buain mhònach.

Dh’fhalbh ceann‑fath na caithris. Thàinig an geamhradh.
Bha i sgìth. ’S a’ dèanamh uabhas de chadal, ’s an oidhche
dhubh, dhorch na cuibhrig dhi, ’s i mar mheileamhaid ma com.
Bha ionndrainn ro‑mhor aic’ a‑nis air a h‑athair ’s air a
màthair. Shaoileadh i gun robh iad faisg.

Uaireannan, leatha fhèin, dhèanadh i lachan gàire a’ cuimhneachadh
air rudeigin èibhinn a thubhairt iad. ’S cha b’ e aon
lachan, ach a dhà agus a trì cha mhòr ceart còmhla, ’s i feuchainn
ach am biodh cuideachd aic’. Agus thòisich daoine ’g ràdh ‘Tha i
air fàs coltach ri a màthair. Nach saoil thu?’

Copyright @ Donnchadh MacGillIosa, 2013