0 items / £0.00

Màiri Dhall - Bèicear Thàboist

Chan fhaigheadh e air e fhèin a stòlaigeadh, agus iomadach
là ’s e an‑fhois an acrais a bh’ air a’ bhalach. Bu tric e san
tràigh‑mhaoraich, bu tric e san tràigh‑shìol. Bhiodh e tadhal
air cladaichean cho fada muigh ri Cuile. Gus am biodh math
a’ chladaich aige dha fhèin, ’s gus nach biodh duine gocamanachd
os a chionn am bàrr na creig’, a bheireadh an leithid an naidheachd
a‑steach gu baile.

Chaill e mhàthair ’s e òg, maoth. Gun e fhathast seachd
bliadhna.
Thàinig cnatan oirr’, an uair sin an grèim‑mòr, ’s fhuair
i bàs obann. Bhitht’ ag ràdh mu a deidhinn gun ghais i ’s gun
dh’fhuiling, gun dh’fhuiling i ’s gun dh’eug, eadar dà sholas shlàn
na gealaich. An toiseach, seadh ’s cnap de dh’ùine às a dhèidh,
bha seòrsa de dhòchas aige gun tachradh e rithe staigh an lot,
’s gun ruitheadh e thuic’, mar bu mhinig a ruith. No an cùl na
h‑iodhlainn, no a‑muigh sa bhlàr‑mhònach.
’S gun canadh i, ‘Seo mi, ghràidh, chan fhalbh mi ort
tuilleadh.’

An ceann bliadhna ’s ràith phòs athair bean ùr.

Eadar am balach ’s a mhuime thàinig fìor dhroch rùn,
dh’fhosgail sloc nach gabhadh lìonadh.
Thòisich e diùltadh a’ bhidhe bhuaich, rud gòrach, loma‑làn
de chunnart.

Cha tigeadh e nuair a bhiodh dùil ris, cha tigeadh e nuair a
Mairi dh’èight’ air. An t‑iasg bruich, a’ phrais buntàt’ air a taomadh, ’s
esan gun sgeul air.

No air a shocair chanadh e rudeigin, ’s chluinneadh i pàirt
dheth. ‘Cò tha ’g iarraidh do chuid brot.’

’S i aige, mar sin, air a cur air a faiceall agus as ùr air a
h‑aineol. Mìos mar a thigeadh bu dorra dhi na meanbh‑chuileag
a‑staigh na sùil, bu lugh oirr’ na pronnag smùir a‑staigh fo na
rasgan, na greiseagan a bha ’m balach na fianais.

B’ fheàrr leatha gum falbhadh e, gun tàrradh e às a dh’àiteigin,
cha robh diofar càit’, a‑mach às a sealladh: a ghoic, a ghrùig ’s a
cheum brònach, dubhach.

‘Càite a bheil e?’ dh’fhaighnicheadh athair.

’S chanadh is’, ‘Chan fhaca mi dalladh dheth an‑diugh no
’n-dè.’

‘Bèicear Thàboist a chùm beò mi,’ chanadh e rithist, an corra
uair a bhruidhneadh e air.

Lof no briosgaid a bha cam, no nach do dh’èirich buileach
ceart, gheibheadh am balach iad sin dha fhèin.

Nam biodh taois aige chòrr chruthaicheadh am bèicear
beathaichean beaga, ’s a‑steach leotha dhan àmhainn. Fo na
làmhan eòlach aige nochdadh cat le cluasan stobach. Cuilean
is earball an-àird ’s car beag na cheann. Easgann caol. Cnòdan
a’ chinn chnapaich. Duineachan le ad, is putanan sìos ma
bhroilleach.

’S bu dùraig dhàsan a thighinn tràth, ’s na rionnagan fhathast
a’ danns ’s a’ mire ’s a’ priobadaich.
Bheireadh e steach às a’ chruaich de mhòine‑dhubh na
chumadh an àmhainn a’ dol fad seachdain.

Agus làd bho làd às
an fhuaran, ’s a’ ghrian ag èirigh às an fhairge, ’s an tobar cho dorch na broinn, tè de chùiltean dorch Mhic Talla, uamh bheag,
bheò a’ bhùrn‑èirigh.


Le iarann fada tharraingeadh am bèicear à broinn na
h‑àmhainn, is ceò dhiubh, lofaichean is briosgaidean, iasgan nach
fhaca cuan, bodaich nach do rinn iasgach, coin nach dèanadh
comhart, piseag nach beireadh air luch.

Shuidheadh bèicear Thàboist còmhla ri charaid, chromadh
e cheann ri facal altachaidh, chluinneadh am balach monmhar
dòigheil, goirid agus amen. Dh’itheadh am bèicear fhèin, ’s dòcha,
cuilean air a dheagh dheasachadh. Agus am balach, ’s mathaid,
piseag air a deagh ghrèidheadh, agus dà ugh bruich. ’S iad sin cho
sòlasach, blast’, ’s an t‑ìm a’ leaghadh orr’.

Agus bainne fuar aca
leis, copan de bhainne fuar bho ’n-dè.

Bha ’n taigh‑solais ùr na fhìor annas ’s na mhìorbhail. Cò
chunnaic a leithid. ’S è b’ àird a bha ’m Breatainn. Bhiodh na
balaich aige a h‑uile là ’s gu dàrnacha là.

Cha robh guth ac’ air
sgoil. Cò bha dol gan cròthadh?
Dhen a’ bhreige chruaidh a bha ’n taigh‑solais dèant’, bha e
biastail garbh ma bhonn, ’s bha e ruighinn suas dha na nèamhan
mar tùr Bhàbel nam mìle cainnt.

Thuirt mac Mhurchaidh na Sùist, a bha mu dhusan bliadhna
dh’aois, gun sadadh esan clach suas seachad air, air cho àrd ’s gun
robh e. Bha neart na ghàirdean a bha coimheach.

Sgèith a’ chlach suas, clach chaol chruinn, ’s rinn i gaoth a
chrath dosan fear dhe na bha ’g obair shuas na bhàrr.

Chrom fear dhe na fir sìos. Chrom e sìos am broinn an
taigh‑sholais, sìos an staidhre sin a bha dol timcheall ’s timcheall.

Chan fhaca iad a’ tighinn e gus an robh e ac’.


Bha ’m balach an làthair. Cha robh brògan air duin’ ac’.

Thurchair fear a bhith ann à baile Eòrabaidh aig an robh liut air
a’ Bheurla, ’s e air a bhith greis an Glaschu.


Bha aodann an duine-s’ a chrom an staidhre mhòr, fhada air
bòcadh leis an ainmein. Bha pàirt dhen amhaich aige air a dhol
cho dearg ri gàilleach èisg, ’s pàirt eile nach robh.

’Eil fhios agad dè tha e ’g ràdh?’ arsa fear Eòrabaidh ri mac
Mhurchaidh na Sùist.

‘Chan eil,’ ars esan.

‘Tha e cantainn gun cuir e na moileanan dhìot, agus an uair
sin an ceann. Ma nì thu tuilleadh e gun tèid falbh leat ann an
cairt, do làmhan ceangailt’ air do chùlaibh le ròp. Gum faigh thu
prìosan fada ann an Inbhir Nis. Far nach bi agad gu do bhracaist
’s gu do shuipear ach brochan tana, lom air a dhèanamh de luath
’s de chlòimh‑liath. Agus air an oidhch’ gun tèid na gòbhlagan
a‑steach na do chluais.’

Dh’innis am balach do bhèicear Thàboist mar a thachair. Ro
ceann na seachdaineach rinn am bèicear, leis na corran, bò bheag
is laogh, agus taigh‑solais beag. Dh’ith e fhèin a’ bhò mar a bhà i,
dh’ith am balach an laogh, ’s dà bhriosgaid, le pailteas de dh’ìm,
agus an uair sin le copan de bhainne fuar bho ’n-dè, dh’ith e ’n
taigh‑solais le gruth is bàrr.

Bha cuid dhe na sean daoine airson gum faiceadh iad a’
chulaidh‑uabhais. Dh’fhalbh Alasdair Bàn à baile Lìonail le
sgioba dhiubh, cha b’ aon uair sin, bodaich is cailleachan, sop
connlaich fo am màs ann am bucas na cairteach, gus nach
deigheadh an crithneachadh ’s an ciùrradh.

Iad a’ tarraing à
càch‑a‑chèile, ’s an t‑each gan toirt ceum air a’ cheum gu fìor
cheann a-tuath Eilean Leòdhais, àite lom, fosgailt ri ’n cuimhnesan.

‘Chaidh againn air cromadh,’ arsa tè dhe na bh’ ann, ‘air àra
beag, goirid a bh’ aig Alasdair. Agus h‑abair tàbharnadh de rud!

Sheas sinn ann an siud ag amharc air, ’s ag amharc suas air, agus
grèim againn air a chèile leis na bh’ oirnn dhen an luairean.’
Bhruadair am balach gun thuit an taigh‑solais a‑steach air
muin nam bailtean. Feadh an là. Mhothaich e do rudeigin. Ruith
e gu cùl claich. Dh’fhalaich e aodann.
Bhuail an taigh‑solais an talamh le clab sgriosail. Chrithnich
an sgìre. Dhen bhreige chruaidh a bha e dèant, ach ’s e bha ’n seo
ach fàdan mònach, na ceudan ’s na mìltean dhiubh, a’ leum ’s
a’ bualadh ’s a’ cur car a’ mhuiltein, a’ gabhail roimp’ turrach air
tharrach, ’s a’ dol nan dùintean fada, fiar suas tro Lìonail is tro
Thàbost.


Ghabh e air a cheann a thogail. Stùr is dust na mònach na
shròin is na shùilean. Chunnaic e greigh eich, eich a’ bhaile, nan
deann ruith a‑staigh air a’ mhachair, iad a’ dèanamh gu deas ’s
an caoch orr’.


Copyright @ Donnchadh MacGillIosa, CLÀR/Ùr-Sgeul, 2013