0 items / £0.00

Màiri Dhall - Am Balach 's a sheanmhair

le Donnchadh MacGillIosa

Air BBC Radio nan Gàidheal

Bha e fhèin ’s a sheanmhair a’ tuigs’ a chèile meadhanach math,
ach cha robh an-còmhnaidh. Bhiodh e tric thall aic’, dhà no thrì
thurais san t‑seachdain.

Bha ’n dithis ac’ gu math sàmhach mura biodh duin’ ann ach
iad fhèin.

Corra uair bhruidhneadh iad, thigeadh còmhradh eatorr’. ’S
dòch’ an uair sin gum biodh iad greis mhòr sàmhach, ’s ise ri
fuine no ri fighe, agus esan a’ toirt a‑steach na mònach agus a’ dol
dhan tobair. Shuidheadh esan na cuideachd ùineachan gun cus
a ghràdha.

Aon turas chaidh iad beagan a‑mach air a chèile. Agus turas
eile rinn ise rud a chuir air, agus theich e bhuaip’ greiseag.
San Ògmhios 1950 chaidh e fhèin ’s a phiuthar agus a mhàthair
’s athair a‑mach a Ghlaschu airson ceala‑deug no trì seachdainean.

Cha robh a’ chlann air a bhith air falbh a‑riamh. Bhleoghain
Anna Bheag a’ bhò fhad ’s a bha iad air falbh.
Bha iad air a’ bhus a’ falbh, agus a’ tighinn faisg air taigh
a sheanmhar. Nach ann a chunnaic e is’ an oir an rathaid ’s i
togail a làimh, air taobh an dràibheir. Stad esan leis a’ bhus fhada
ghorm, agus thuirt a sheanmhair dhà no thrì fhacail ris, agus
chuartaich i mu thoiseach a’ bhus agus thàinig i air bòrd. Bha ’n
t‑einnsean a’ dol, ach cha robh am bus a’ dol a charachadh, oir
bha a sheanmhair‑san air nochdadh, rud ris nach robh dùil aig
duine.

Bha aodach is brògan gu math spaideil oirr’, aodach dubh,
agus bha a falt cho brèagha co‑dhiu, ’s e air a cheangal air cùl a
cinn.

Ghabh i suas far an robh a mhàthair ’s thug i dhi pòg. Phòg i
a mac, athair a’ bhalaich, thuirt i riuth’ an aire a thoirt, an aire a
thoirt orra fhèin. Phòg i ’n uair sin a phiuthar bheag bhàn, ’s chuir
i a dà ghàirdean timcheall oirr’. Bha feadhainn eile air a’ bhus ’s
iad glè dhòigheil ’s iad a’ gabhail ealla.

Rinn a sheanmhair an uair sin airsan, ach liùgair e sìos air
cùl an t‑seat. Ghabh i grèim air a ghualainn ’s air a ghàirdean,
ach chan fhaigheadh i thuige. Leig i beannachd leoth’, dh’fhàg i
beannachd ac’ agus dh’fhalbh i, agus a‑mach gun ghabh am bus,
air a shligh’ a Steòrnabhagh. Bha esan ochd bliadhna dh’aois.
Nuair a thill iad à Glaschu, chaidh e a shealltainn air a
sheanmhair. Bha iad a’ còmhradh. Thuirt e rithe, ghabh e air
cantainn rithe, nach bu chòir dhi a bhith air stad a chur air
a’ bhus agus a thighinn a‑steach na bhroinn.

Dh’aithnich e nuair a thuirt e seo gun robh i gu math diombach,
agus thionndaidh i air falbh bhuaithe ’s cha bhruidhneadh
i idir ris.

B’ fheudar dha falbh dhachaigh, ’s cha deach e ann airson
ùineachan, ’s bha e nis air aithreachas mòr a ghabhail gun tuirt
e siud rithe.

Mar bu tric’ bha iad glè dhòigheil an cuideachd a chèile,
’s mura biodh duin’ ann ach iad fhèin cha robh aca ri bhith
dèanamh cus bruidhinn, ’s bhiodh iad cho sàmhach ’s a bu
mhiann leoth’, agus saorsainneil leis. Corra uair bhruidhneadh
iad. Bhiodh esan a’ leughadh. ’S bha iad mar dà cheann eich.
Bha gu leòr air tachairt dhìse, ’s bha gu leòr air tachairt rithe.
Bha rudan ann air nach bruidhneadh i. Cha b’ è buileach nach
bruidhneadh i orr’ ach nach bruidhneadh i orra mura tigeadh
oirr’, ’s cha tigeadh oirr’ glè thric idir. An dithis mhac a chaill i.
Samhail sin.

’S bha tòrr rudan ann air nach bruidhneadh esan. Cha do
dh’innis e dhi riamh mun dithis a bhiodh a’ brath air aig an
sgoil, ’s a bha dèanamh a bheatha searbh dha. Am beagan rèitich
a dhèanadh e air cùisean feadh an là, dhèanadh an oidhche a
sgaoileadh air bho àm gu àm. ’S nam biodh e caithris, bha rèiteach
na h‑oidhch’ na bu dorra buileach. Am bruaillean, bhiodh
a chrògan cho mòr ri dà chruach choirc, ’s e fhèin cho beag ri
cuileag am meadhan fairge.

Chuireadh e a dhà làimh a‑steach na chèile fo a smiogaid,
teann, teann, ’s a cheann na bhrochan, ’s e cur nan car dall na
aonar, ann an sin san leabaidh.

Nuair a bha e mu dheich bliadhna, ’s e thall a’ sealltainn air a
sheanmhair, thug i steach e dhan t‑sabhal ach am faiceadh e an
cat riabhach ’s na piseagan.

Chaidh e steach roimhp’, agus fios aige càit am biodh an cat
na laighe sa chonnlaich. Cha robh sgeul air a’ chat, ’s bha tè dhe
na piseagan beag air a leth h‑ith.

Bha an taobh aice fosgailte ’s chitheadh e steach na broinn.
Bha a sheanmhair air a chùlaibh agus chual’ e seadhan a’
tighinn oirr’, agus thòisich i ga tharraing air falbh ’s a’ cantainn
rudan, na facail a’ dol nam brolais.

Dh’aithnich e sa bhad gun robh i ’g innse bhreug. Thuirt i
rudeigin mu dheidhinn nan radan.

Bha esan cho righinn rithe, ’s cha robh e ’son carachadh,
ach sùil mhath a thoirt air a’ phiseag a bh’ air a leth h‑ith aig a
màthair.
Dh’fhairich e colg a sheanmhar. A h‑anail a’ tighinn na
cnapan, ’s i ga sparradh ’s ga spreòtadh roimhp’ a‑mach às an
t‑sabhal.

Theab e cantainn, ‘Cha b’ è radan a bh’ ann, cha b’ è radan a
bh’ ann.’

Thàinig na facail gu bun ’s gu bàrr a shlugain, ach cha do
ghabh e air.