0 items / £0.00

Màiri Dhall - Dà Bhàthadh air a’ Chù Choilearach

bho Mhàiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

le Donnchadh MacGillIosa, foillsichte le CLÀR/Ùr-Sgeul, 2013

Air BBC Radio nan Gàidheal


Cha bhiodh là samhraidh air a bhith ceart, no là geamhraidh,
ach uaireigin a‑mach dhen Fhoghair, ’s am buntàt air an togail.
No là mar seo fhèin, là Earraich, mus deach toll‑innearach
fhosgladh, ’s mus deach na cairtean todhair a‑mach gu lot. Mus
do thòisich na caoraich a’ breith. Là frasach.

Bha e nis eadar dhà chor dheth am falbhadh e idir, ach bha e
air gealltainn dha fhèin gum falbhadh, ’s gur h‑e seo an là.
Ghabh e glainne uisge‑bheath’, ’s ghabh e fhèin ’s an cù sìos
an lot chon na mara. Dhan t‑sreang‑aodaich cha mhòr gun
mhothaich e, ’s tè dhe na briogaisean aige fhèin agus dà lèine leis,
a’ danns oirre.

’S ged a bha làir bhàn Iain fa chomhair cha tug e ’n aire dhi,
’s i air a màs a chur eadar i fhèin ’s a’ ghaoth tuath ’s a h‑earball
a’ siabadh a‑steach na gobhal, ’s i gluasad air a h‑adhart air a
socair, a’ criomadh ’s a’ spìonadh an fheòir ’s a muing sìos ma
sùilean.

Cò shaoileadh orr’ a’ gabhail sìos, an duine ’s an cù, nach robh
’n àbhaist a’ leantainn a cùrs.

Nuair a ràinig iad Palla Luing bha am muir‑làn a’ luasganaich
mun chreig, ’s na fulmairean a’ trod.

Bha geal air trì dhe na spògan, air bàrr an earbaill, mun
amhaich agus sìos meadhan a’ chinn.

Cheangail e ’n ròp mu amhaich a’ choin, ròpa goirid, agus
a’ chlach leacach, oiseanach, ruadh ris a’ cheann eile.

Cha do rinn e dàil, ’s cha do bhruidhinn e ris a’ chù. Thòisich
an cù a’ gal shìos na amhaich. Chruinnich e ’n cù ’s a’ chlach ’s an
ròp na dhà ghàirdean, is thilg e mach iad le uile neart.

Mus deach iad às an t‑sealladh chunnaic e casan a’ choin
a’ sgaoileadh a‑mach, ’s iad a’ lorg na talmhainn, ’s cha robh ’n
còrr aige dheth.

Thionndaidh e air falbh, chuir e bhonaid ceart, bha gluasad
air a bhroilleach.

Dhìrich e gu bàrr na creig’ agus thòisich e ri coiseachd.
Cha do mhothaich e dha na fulmairean a’ sguabadh seachad
air, gu math faisg, ’s iad airson gun teicheadh e. Le an goban
croma, agus le an sgiathan croma, a’ sgèith cho faisg air ’s a bu
dùraig. Chuir e mach smugaid. Chrom e pìos beag sìos dhan
Gheodha Ruadh far nach biodh a’ ghaoth ag obair air. Shuidh e,
chuir e thuige ’phìob, chùm e dol i, ach cha robh tlachd sam bith
aig’ innt’.

Dhìrich e, chùm e air, cha robh e son a dhol dhachaigh
buileach fhathast.

Chan fhac e ’n sgarbh dubh, shìos fodha, a’ sgèith dhà no thrì
òirlich os cionn cnap na mara, ’s e dèanamh a‑steach a thòn na
geodhaidh.

Agus chan fhac e ’n dà sgaoth dhruid a’ gluasad tron adhar
’s a’ tighinn còmhla ’s a’ dol à sealladh air cùl a’ chnuic, ’s chan
fhac e, bharrachd, fras throm a’ dèanamh air bho muigh, adhar is
muir aic’ air an dorchnachadh ’s i dèanamh air tìr gu siùbhlach.

Mus d’ fhuair e air teich’ gu fasgadh, bha i air a mhuin, leig e às
na guidheachan, ’s an t‑àit’ air a bhàthadh as ùr aic’, ’s an talamh
na shitig mar a bhà.

Fras mhòr thaisealach, uisg’ is flion còmhla, a thug fàire ’s
adhar bhuaithe. Bha steall às fhèin ’s às a bhonaid, is rinn e suas

dhachaigh, bha a chasan tioram is mhol e na bòtannan ’s na
daoin’ a rinn iad.

Nuair a dhlùthaich e air an taigh chunnaic e fear dhe na coin
a’ tighinn na choinneamh, Glenn, ’s iongantach.

A’ tighinn na b’ fhaisg’, chunnaic e ’n cù coilearach, ’s ghabh e
mullach mì‑choltais, seadh, ghabh e ’n t‑iongnadh bu mhotha, ’s

chaidh grìs sìos cùl a chinn agus troimhe gu lèir.

Bha ’n ròp slaodte ris, ’s e cho gireach, fliuch, ’s e air e fhèin
a chrathadh ’s iongantach fichead turas, ’s e dèanamh air a
mhaighstir, earball ag obair, a’ cur fàilt’ air, ach a leth‑deiridh
ìosal ris an talamh, ’s e air dèanamh ceàrr.

Fhuair e air an ròp a thoirt dheth mus fhac’ i fhèin e. Cha
tuirt e dùrd ris a’ chù, chuir e steach dhan t‑sabhal e. Bha crith
uabhasach air a’ chù, air a h‑uile mìr dheth, fuachd na mara air a
dhol a‑steach na bhodhaig.

Ghabh e sìos leis, an ath là, ’s an ròp aige na chois. Oir, an rud
a gheall e dha fhèin, dh’fheumt’ a choileanadh.

Seo cù nach gabhadh ionnsachadh, cha bu chòir dha bhith air
a ghabhail idir, bha aithreachas air bho chionn fhada gun ghabh
e riamh e.

’S cò chanadh agus cò shaoileadh, ma thug neach aire dhaibh,
nach robh an àbhaist a’ leantainn a cùrs, an duine agus an cù a’
dol cuairt còmhla sìos gu na cladaichean agus an turadh ann.

Cù chaorach nach tàinig a‑riamh gu bhith math gu leòr air
an obair.

Bha dà ghlainne mhòr uisge‑bheatha aig’ air òl, bha botal‑mòr
aige san t‑sabhal, is lean iad orr’ sìos, stiallag chaol fhada de lot ’s i
bog fliuch, am muir mòr am follais is brisidhean geal’ air fheadh
cho fada mach ’s a chitheadh sùil.

Eadar an duine ’s an cù, feadh nam mìosan, bha cnoc dorch
air a thighinn, mar gum b’ eadh, cnoc mòr a bha cho dorch ’s cho
domhainn ri Cnoc Dubh Àirigh a’ Bhealaich. Bha e sgìth dheth,
agus sin an fhìrinn.

Lean an cù e, ach shèap e air deireadh dhà na thrì thurais,
ach an dèidh sin cha do dhiùlt, ghabh e comhairl’ is rinn e mar a
bhathas ag iarraidh air.

Bha fios aige gum feumadh e dèanamh cinnteach dhen
turas sa gum biodh an ròp teann, tèaraint mun chlaich agus na
snaimeannan ceart.

Os cionn Palla Luing stad e ’s thug e sùil air a’ mhuir. Shìos
fòdhpa bha ’m muir‑làn cnapach a’ luasganaich ris a’ chreig, ’s
bhruidhinn e ris a’ chù, facal no dhà, ’s dh’aithnich e nach robh e
comasach air an rud a dhèanamh idir.

Là car fuar a bh’ ann, car bagarrach le bailcean bho tuath,
uisg’ is flion còmhla, an talamh na shitig, ’s gun duine fhathast
air fàd mònach a bhuain.