0 items / £0.00

STEALL - SÌNTEAS

£120.00

Image of STEALL - SÌNTEAS

AN IRIS ÙR. STEALL 02 a' tighinn sa Chèitean 2017.

Sìnteas neo 'subscription'? A h-uile iris, a h-uile bliadhna. Sàbhailibh 40%!

Mar 'subscriber', gheibh sibhse STEALL air thoiseach air daoine eile - mus tèid e gu na bùithean neo mus fhaigh daoine eile cothrom a cheannach air-loidhne.

Tha STEALL ag amas air dà iris sa bhliadhna, faisg air a' Chèitean agus an uair sin san Dàmhair.

SGRÌOBHADAIREAN STEALL 01

TIM ARMSTRONG / MEG BATEMAN / ALASDAIR
CAIMBEUL / MAOILIOS CAIMBEUL / CATRÌONA
LEXY CHAIMBEUL / EMMA DYMOCK / DAIBHIDH
EYRE / BIDDY JENKINSON / ALISON LANG /
MORAG LAW / PÀDRAIG MACAOIDH / CRÌSDEAN
MACILLEBHÀIN / RUAIRIDH MACÌOMHAIR /
ROBBIE ANNDRA MACLEÒID / DEBORAH
MOFFATT / SEONAG MONK / JANE NICLEÒID /
NIALL O’GALLAGHER / PETRA PONCAROVÁ /
MÀIRI RHIND

Anns gach iris: Gàidhlig a-mhàin, sgrùdadh, beachd, ficsean, connspaid, bàrdachd, rosg is gu leòr eile: sgrìobhadh aig àrd-ìre. Eadar 100-160 duilleag. Iris ùr a th’ ann an STEALL, iris litreachais a tha ag amas air sgrìobhadh ùr a thoirt gu aire dhaoine — agallamhan, ficsean, aistidhean, bàrdachd, sgrùdadh agus eile. Bidh ùghdaran stèidhichte agus sgrìobhadairean ùra a’ nochdadh innte. Cho fad ’s a tha an sgrìobhadh math, ’s e ann an Gàidhlig, bidh ùidh aig STEALL ann.

Tha a' mhòr-chuid de dhaoine a tha an-sàs ann an STEALL ag obair gu saor-thoileach. Ma ghabhas sibh sìnteas ('subscription'), chan e a-mhàin gum faigh sibh deagh iris, bidh sibh a' cur taic ri sgrìobhadh ùr - agus sgrìobhadairean - ann am mion-chànan a th' ann an cunnart. Cumaibh taic rinn. Bheir sinn dhuibh rudeigin sònraichte.



Faighibh STEALL an iris ùr an seo