0 items / £0.00

STEALL À IOMADH LÒN

£9.99

Image of STEALL À IOMADH LÒN

Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

“Geallaidh mi nach eil an fhìrinn air a fiaradh anns an leabhar seo, ged a tha iomadh uireasbhaidh eile air.” Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

Chuir Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain seachad làithean òige anns na Hearadh agus an Uibhist a Tuath. An dèidh sin thòisich e, mar a chanas e fhèin, a’ siubhal nan seachd sitigean. O chionn dà fhichead bliadhna chaidh e air imrich a Chanada agus thug an obair a bha aige an sin, mar chonaltraiche corporra, air an fhalbhan e gu caochladh dhùthchannan. An dèidh còig bliadhna fichead anns a’ ghnìomhachas niùclasach thill e a dh’Alba a dh’obair do Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Nuair a leig e dheth an dreuchd sin dhragh a bhean air taod e air ais a Cheap Breatann. Bha e fuireach air bruaich Abhainn Mira, far an do thuinich iomadh Uibhisteach eile.

Anns an leabhar seo tha e toirt iomraidh air eachdraidh a bheatha ach cuideachd air an dualchas, an eachdraidh agus an àrainneachd a chuir cruth air a smuaintean agus a ghiùlan.

384 duilleag, ISBN 978900901695, pàipear, 2011



Faighibh STEALL an iris ùr an seo