0 items / £0.00

An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile

£9.99

Image of An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile

Leabhar ùr! Ri fhaighinn an-dràsta. 2018.

Dh’fhoillsich CLÀR, fon t-sreath Ùr-Sgeul,
sia-deug dhe na sgeulachdan aig Donnchadh
MacGillIosa ann an 2004 san leabhar
Tocasaid ‘Ain Tuirc. Ann an 2013, nochd Màiri
Dhall agus Sgeulachdan Eile. Seo an treas
cruinneachadh de sgeulachdan goirid bhuaithe.

Foillsichte 27 an Cèitean 2018. 120 duilleag.

Brand new Gaelic fiction - published 27 May 2018. Available now. The new book from Duncan Gillies.

’S ann à Nis a tha Donnchadh MacGillIosa. Rugadh e ann an 1941 agus chaidh e dhan sgoil ann an Nis agus ann an Steòrnabhagh, is à sin a dh’Oilthigh Obair Dheathain. Greiseag an dèidh dha ceumnachadh, chaidh e a Lunnainn, is tha e ann fhathast. Thug e mach a bhith na fhear-teagaisg (Stèidheachd an Fhoghlaim, Oilthigh Lunnainn, 1973). Cuideachd, rinn e City and Guilds Horticulture. B’ e a’ ghàirnealaireachd, air a’ cheann thall, a rùn ’s a roghainn, agus sin an obair ris a bheil e.

Dh’eadar-theangaich e Shakespeare ann an Seachd Luinneagan le Shakespeare (Roinn Cheilteach Oilthigh Ghlaschu, 1988) agus dh’eadar-theangaich e sgeulachdan dhan Ghàidhlig còmhla ri Calum Greum san leabhar Thall ’s A-Bhos (Gairm, 1991). Sgrìobh e cuideachd Disathairn’ (Acair, 1992), nobhail ghoirid do chloinn. Rinn e dà chruinneachadh de sgeulachdan goirid don t-sreath ainmeil Ùr-Sgeul, foillsichte le Clàr (Tocasaid ’Ain Tuirc ann an 2004, agus Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile ann an 2013).



Faighibh STEALL an iris ùr an seo