0 items / £0.00

AN LÀRACH-LÌN SEO

'S e làrach-lìn ùr a tha seo. Gheibhear cothrom leabhraichean CLÀR fhaighinn aig deagh phrìs.  Gheibhear naidheachdan agus fiosrachadh.  Tha cothrom an iris ùr, STEALL, fhaighinn cuideachd.  Bidh sinn a' postadh leabhraichean thugaibh 'First Class' (Alba agus Breatann) agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu phostachd againn an seo. 

Bidh CLÀR a' cur ris an làrach-lìn sna mìosan a tha romhainn. Tha sinn uile ag obair gu saor-thoileach: chan eil sinn a' faighinn taic-airgid poblach gus an làrach-lìn seo a chumail beò. Ma tha mearachdan ann thèid an ceartachadh.

Rinn CLÀR deannan leabhraichean. Chan eil iad uile air an làrach-lìn fhathast ach, mar a thuirt sinn, bidh sinn a' cur ris an làrach-lìn.  Tha cuid mhath dhiubh an seo.

'S e Gàidhlig ar cànan.  Corra uair, cleachdaidh sinn Beurla ma dh'fheumas sinn  - ach tha feallsanachd CLÀR stèidhichte air prionnsapal gu bheil e ceud uair nas fheàrr na cànanan a chumail air falbh bho chèile. Mar sin, chan ann tric a chithear Gàidhlig agus Beurla air an aon duilleig còmhla air làrach-lìn CLÀR.  Fìor chorra uair a nì CLÀR leabhraichean dà-chananach.  Tha cànan nas cudromaiche na calpachas.

'S ann air an làrach-lìn seo a gheibhear fios an toiseach mu leabhraichean ùra CLÀR.

Mar sin, tadhailibh oirnn tric, mas urrainn dhuibh!  Tapadh leibh.